Beannachd san Dealachadh

Tha cuid de dh’Aonanaich ag argamaid, agus tha gu leòr a’ dol leotha, gu bheil neo-eisimeileachd a’ fàgail muinntir Sasainn fo smachd nan Tòraidhean airson ginealaich, is iad gun taic bho na BP Làbaraich Albannaich. Nochd tionndadh eile air an argamaid seo an-diugh. Tha iomadh trioblaid leis an argamaid san fharsaingeachd, a’ phrìomh thè nach eil i fìor, ach nochd tè eile an t-seachdain-sa-chaidh san Telegraph.

Tha e cho simplidh ’s gu bheil e na chùis iongnaidh nach eil barrachd air an argamaid a dhèanamh a cheana. Tha gach coltas ann gum biodh bhòta airson neo-eisimeileachd as t-Sultain a’ toirt air riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a’ tuiteam. Mar a sgrìobh Benedict Brogan:

David Cameron will resign if he loses Scotland. A Prime Minister who allows the break-up of the United Kingdom cannot suffer such a statement of no confidence and continue in office.

Abair là bhiodh sin, saorsa ò shiostam coirbte Westminster, agus Riaghaltas nan Tòraidh-Deamaich a’ tuiteam mar an ceudna. Abair tìodhlac airson ar nàbaidhean ann an Sasainn, Ulaidh agus a’ Chuimrigh.

Ach dè cho fìor ’s a tha e gum biodh neo-eisimeileachd a’ toirt air Riaghaltas na RA tuiteam. Tha Brogan a’ sgrìobhadh do phàipear a bheireas taic do na Toraidhean agus le deagh eòlas air Westminster, is mar sin tha an analais aige air a’ phuing nas fheàrr nan tuigse aige air an t-suidheachadh Albannach. Bhiodh Camshron air shealltainn nach robh de chumhachd aige gus an dùthaich fhèin a chumail ri chèile. Is ma dh’fhalbhas esan, tha a’ cho-bhanntachd cho cugallach ’s gu bheil e duilich fhaicinn mar a sheasadh neach sam bith eile (Osborne etc.) mar Phrìomh-Mhinistear gun taghadh coitcheann.

Tha e soilleir gu bheil gu leòr riaghaltasan Breatannach air tuiteam airson adhbharan tòrr nas lugha nan treas cuid de thìr-mhòr na dùthcha a’ fàgail gus stàit ùr a chruthachadh. Mar eisimpleir chaill Callaghan bhòta-misneachd leis mar a dhèilig e leis na h-Aonaidhean-Ciùird is mar a làimhsich e na bhòtaichean air fèin-riaghlaidh. Is cinnteach gu bheil trioblaidean Chamshroin aig ìre nas airde buileach ma bhòtas sinn airson neo-eisimeileachd.

Ann an 2011 dh’aontaich Parlamaid Westminster ri Achd Parlamaidean nan Teirmichean Stèidhichte, a dh’fhàg gum bi 5 bliadhna ann, mar as trice, eadar gach taghadh. Ach a dh’aindeoin sin ’s urrainn an aon sheòrsa rud tachairt le Riaghaltas Chamshroin ’s a thachair fo Challaghan. Bhiodh Taigh nan Cumantan ag aontachadh “Nach eil earbsa aig an Taigh seo ann an Riaghaltas na Bànrighe” agus bhiodh taghadh air a ghairm sna beagan lathaichean às dèidh sin.

Fiu ’s mur nach eil thu a’ gabhail ris a’ bheachd gun tuiteadh an riaghaltas, tha e gu math soilleir gum biodh misneachd an riaghaltais ud air a ghearradh sìos gu mòr. Ma ’s e is gun cumadh e a’ dol gu 2015, bhiodh e cho lag is gum biodh e gu math duilich planaichean mòra ùra, aig an aon ìre ri reic a’ Phuist Riaghail, neo “ath-leasachadh” siostam nan sochairean, a chuir air dòigh. Cha bhiodh an taic ann airson a’ Phrìomh Mhinistir agus a’ Chaibineat aige, sa pharlamaid neo san dùthaich.

A thaobh bhòta dìth-mhisneachd bhiodh gu leòr de na Lib-Deamaich, gu h-àraidh iadsan aig cùl nam beingidhean buailteach am fearg acasan ri Riaghaltas na Co-Bhanntachd a chur an gnìomh le bhòta a bheireadh sìos e, nam bheachd-sa. Ma dh’fhaoidte gum bheireadh e cothrom mu dheireadh dhaibh mìneachadh do na luchd-bhòtaidh aca carson a thug iad taic dhan cho-bhanntachd ud sa chiad dol a-mach. Bhiodh na seann Tòraidhean cuideachd mothachail gu robh earbsa a’ mhòrsluaigh air an riaghaltas a thrèigsinn.

Mar a thuirt Brogan, bhiodh Camshron a’ toirt seachad a dhreuchd ma tha Alba a’ taghadh neo-eisimeileachd. Tha e soilleir gum biodh a’ cho-bhanntachd ris an do chuir e ainm a’ falbh air a chùlaibh. Le sin, bhiodh an riaghaltas a tha air an uidhir de chron a dhèanamh air na mìltean a’ tuiteam còmhla riutha. Abair gum biodh sin na dheagh bheannachd air ar nàbaidhean ùra. Agus chan fheum sinn ach crois a’ chur sa bhocsa cheart.

A.U.G. Mac Leòid, Glaschu

PS A thaobh na bh’ aig Tom Morton air commentisfree an-diugh gheibhear beachd bàird Ghàidhealaich air an sgrìobhadair ud air duilleig xxvi den Tuil. ’S fiach a leughadh.

Advertisements
Chaidh seo a phostadh ann an Altan. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

One Response to Beannachd san Dealachadh

  1. Thuirt Iain:

    Tha sinn air gu leòr is cus dhe leithid a chluinntinn, ach nach inntinneach nach eil leithid Billy Bragg no Tariq Ali ag aontachadh ri sòisealaich mhòra mar Douglas Alexander agus Frank Roy (co?). The artagail glè phongail is iomchaidh my dheidhinn seo aig RIC air an làrach aca as fhiach leughadh. Tha an argamaid seo marbh o chionn fhada.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s